Difference between revisions of "Muriel Fisher talks to Christine Primrose"
(→Muriel) |
|||
Line 1: | Line 1: | ||
Description of what this is | Description of what this is | ||
− | [[ Muriel Fisher | + | [[ Muriel Fisher chats with Christine Primrose ]] |
− | == | + | ==1== |
+ | |||
+ | '''Muriel:''' | ||
{| | {| | ||
|Right ! | |Right ! | ||
Line 22: | Line 24: | ||
|[English] | |[English] | ||
|} | |} | ||
− | Right! Here we are on the 4th of August. It's a Saturday. | + | 'Right! Here we are on the 4th of August. It's a Saturday.' |
− | + | '''Christine:''' | |
"No – it’s August 2007" | "No – it’s August 2007" | ||
− | + | '''Muriel:''' | |
{|Sin | {|Sin | ||
Line 99: | Line 101: | ||
|‘class’ | |‘class’ | ||
|- | |- | ||
− | |} Ghàidhlig | + | |} |
− | + | |{ | |
− | + | |Ghàidhlig | |
− | em … tha | + | |agam. |
− | + | |Nach | |
− | + | |eil | |
− | + | |fhios | |
− | + | |agad ? | |
− | + | |Agus | |
− | + | |- | |
− | + | |‘Gaelic’ | |
− | + | |PREP.1SG | |
− | + | |Be.PRES | |
− | + | |‘news' | |
− | + | |PREP.2SG | |
− | + | |CONJ | |
+ | }| | ||
+ | |{ | ||
+ | |em … | ||
+ | |tha | ||
+ | |sinn … | ||
+ | |tha | ||
+ | |mise | ||
+ | |a’càll ... | ||
+ | |- | ||
+ | |BE.PRES | ||
+ | |we | ||
+ | |BE.PRES | ||
+ | |1SG.PN.EMPH | ||
+ | }| | ||
+ | |{ | ||
+ | |tha | ||
+ | |mi | ||
+ | |a’càll | ||
+ | |an | ||
+ | |tide. | ||
+ | |Tha | ||
+ | |an | ||
+ | |tide | ||
+ | |- | ||
+ | |BE.PRES | ||
+ | |1SG | ||
+ | |‘time’ | ||
+ | |BE.PRES | ||
+ | |‘time’ | ||
+ | }| | ||
+ | |{ | ||
+ | |a’dol | ||
+ | |luadh | ||
+ | |cho | ||
+ | |seachad (!) | ||
+ | |seachad | ||
+ | |cho | ||
+ | |- | ||
+ | |‘going’ | ||
+ | |‘walking’ | ||
+ | |‘as’ | ||
+ | |‘past/onward’ | ||
+ | |‘past/onward’ | ||
+ | |‘as’ | ||
+ | }| | ||
+ | |{ | ||
+ | |luadh. | ||
+ | |Tha | ||
+ | |feum | ||
+ | |agams’ | ||
+ | |air | ||
+ | |- | ||
+ | |‘walking’ | ||
+ | |BE.PRES | ||
+ | |‘must/need’ | ||
+ | |PREP.1SG | ||
+ | |‘on/about’ | ||
+ | }| | ||
+ | |{ | ||
+ | |cupa | ||
+ | |coffi, | ||
+ | |bheil | ||
+ | |fhios | ||
+ | |agad | ||
+ | |- | ||
+ | |‘cup’ | ||
+ | |‘coffee’ | ||
+ | |BE.PRES.QP | ||
+ | |‘news' | ||
+ | |PREP.2SG | ||
+ | }| | ||
+ | |{ | ||
+ | |air | ||
+ | |sin ? | ||
+ | |- | ||
+ | |‘on/about’ | ||
+ | |‘those’ | ||
+ | }| | ||
− | + | ==2== | |
− | |||
C Bheil thu ag iarraidh cupan cofi ? | C Bheil thu ag iarraidh cupan cofi ? |
Revision as of 13:44, 5 March 2014
Description of what this is
Muriel Fisher chats with Christine Primrose
1
Muriel:
Right ! | Seo | agad | sinn | ann | seo | 4th of August, it’s a Saturday July |
This | PREP.2SG | we | is | this | [English] |
'Right! Here we are on the 4th of August. It's a Saturday.'
Christine:
"No – it’s August 2007"
Muriel:
mar | a | tha | sinn | ann | seo | co-dhiubh …. |
CMP | 3SG.PRES.BE | we | is | this | anyway(?) |
Muriel
eil | fhios | againn | …dè …??? | mu | dheidhinn | sin ! |
Neg | Be.PRES | news | PREP.us | what | concerning | those |
Muriel
ann | a | tha | sin | air | ‘island time‘ | mar | a |
BE.PRES | ‘those’ | on | ‘island time’ | CMP |
|{ |bhios |mise |a’cantainn |ris |a |chlas |- |REL.FUT.POS.BE |1SG.PN.EMPH |‘speaking’ |‘rice’ |‘class’ |- |} |{ |Ghàidhlig |agam. |Nach |eil |fhios |agad ? |Agus |- |‘Gaelic’ |PREP.1SG |Be.PRES |‘news' |PREP.2SG |CONJ }| |{ |em … |tha |sinn … |tha |mise |a’càll ... |- |BE.PRES |we |BE.PRES |1SG.PN.EMPH }| |{ |tha |mi |a’càll |an |tide. |Tha |an |tide |- |BE.PRES |1SG |‘time’ |BE.PRES |‘time’ }| |{ |a’dol |luadh |cho |seachad (!) |seachad |cho |- |‘going’ |‘walking’ |‘as’ |‘past/onward’ |‘past/onward’ |‘as’ }| |{ |luadh. |Tha |feum |agams’ |air |- |‘walking’ |BE.PRES |‘must/need’ |PREP.1SG |‘on/about’ }| |{ |cupa |coffi, |bheil |fhios |agad |- |‘cup’ |‘coffee’ |BE.PRES.QP |‘news' |PREP.2SG }| |{ |air |sin ? |- |‘on/about’ |‘those’ }|
2
C Bheil thu ag iarraidh cupan cofi ? BE.PRES.QP 2.SG.PN PREP ‘asking’ ‘cup’ ‘coffee’
M Och well chan eil – fuirichidh mi gu faigh [Sigh] ‘well’ Neg Be.PRES -‘wait’ 1.SG.PN PREP ‘get’
sinn a Phortrigh . ‘those’ ‘Portree’
C Bheil thu cinnteach ? BE.PRES.QP 2.SG.PN ‘certain’ ‘Are you certain?’
M Aye. Ach bhitheadh e math . Chan eil
‘yes’ ‘but’ Be.RELFUT 3.SG.MASC.PN ‘good’ NEG Be.PRES
‘Yes, but it will be good…’
cofi agad co-dhiùbh a’bheil ? ‘coffee’ PREP.2SG ‘anyway’ QP’BE.QP
C Tha cofi agam . BE.PRES ‘coffee’ PREP.1SG ‘I have coffee.’
M Oh siud – chan eil mi keen air siud . ‘Oh’ DEM NEG Be.PRES 1SG.PN ‘keen’ ‘on’ DEM ‘Oh that- I’m not keen on that.’
C Cuiridh mi air an coire ?
‘toward’ 1.SG.PN ‘on’ ‘kettle’
?’Hand me the kettle’
M Cuiridh – thalla’s cuir air an coire .
‘toward’- ‘well’ ‘put’ ‘on’ ‘kettle’
?’Here- put the kettle on’
M Aye – cuir boinneag uisge ann . ‘yes’- ‘toward’ ‘water droplet’ ‘water’ ‘exists’ ‘Yes, there’s a wee bit of water.’
So tha side math ann an diugh ‘so’ 3SG.PRES.BE ‘weather’ ‘good’ ‘exists’ ‘today’ ‘So, there’s good weather today.’
– chan eil e fliuch –for once ! NEG BE 3SG.PN ‘wet’ ‘-it’s not wet for once.’
C Cha robh Samhradh againn. NEG Be.PAST ‘summer’ PREP.1PL ‘It wasn’t summer by us
M Cha robh. NEG Be.PAST ‘It was not.’
C Bha Samhradh againn ann seo – be.past ‘summer’ PREP.1PL this
tha mi creidsinn aig deiradh April – Be.PRES 1SG.PN ‘beleive’ PREP ? April
a’Ghiblean –deiradh April . ‘April’
Bha side air leth teth againn . be.past weather on half hot PREP.1PL
Anns na h-Eileannan . CMP island
Bha mise ann a’Leodhas aig an àm. be.past 1SG.PN.EMPH
Agus bha dìreach – cha b’urrainn dhut a chreidsinn
cho blath ‘s a bha e . Bha a h-uile duine a
‘bruidhinn air – ach bhon uarsinn – cha d’fhuair sinn – ach siud ‘s an seo
– cha d’fhuairs sin Samhradh ann .
M Well … feumaidh … an latha a thàining mise nuas , mi fhìnn ‘s Marie a Glaschsu, thòisich an t-uisge – bha side breagha ann an Glaschu . Thòisich an t-uisge dìreach mus d’ràinig sinn Malaig. Agus a h-uile duine a ‘cannteil “Oh – you should have been here last week – the weather was beautiful “
C Bithidh sin a ‘tachairt ! Tha corra latha math ann .. ceart gu leor..
M Och well tha …
C An t-uabhas uisge .. am faca sibh an t-uisge a bh’aca shios a Sasuinn ? Cha leig sinn a las ar beul fhosgladh …
M Tha fios ‘am . Tha fios ‘am . Nisde – an cuala thusa an diugh air a ‘wireless gu robh … em …. tuiltean mòr mighty aca ann an Asia mar a chanas iad
C Cha chuala .
M Chan eil fhios a’msa am b’fhathaist dhuinn a bhith a’cluintinn mu dheidinn sin , no … bheil cuimhne agad fhein - mìltean – milleanan de dhaoine le uisge – an àite fon uisge ?
C Oh cha chuala mi sin.
M Ann an India agus ann am Bangladesh agus ann an China . Bha mise ag èisdachd ris a ‘wireless feadh na h-oidhche nuair a …. you know – step out of news – air ais a chadal – bithidh mi cluintinn rudan mar seo. Cha chuala sibh càl dheth ? Bheil cuimhne agad cluintinn mu dheidhinn roimhe ?
C Well – ‘se an fhirinn innse dhut – tha mi cho cleachte bhith cluintinn rud – bheil fhios agad – rudah mar sin air feadh an t-saoghail ann an diofar àiteachan , agus dh’fhaodadh gum bi … aonan – landslide uabhasach ann an àiteigin ann an India .
M Oh bha . Bha earthquake aca . Crith-thalmhain .
C Bha crith-thalmhain aca – robh ?
M Bha – cha chluinn thu dad a nisde – ciamar a tha na bailtean ?
C Bheil thu gabhail siucar ?
M Tha , ma ‘se do thoil e . Cha chluinn thu … ciamar a tha na daoine sin ? Bheil thu smaoineachadh gu bheil taighean aca nisde ? Chan eil .
C Chan eil . Chan eil – na truaghainn . Sin?
M Aye. ‘Se tri a bha siud .
C Tha iad beag ! Chan eil annda ach spainnean beaga biodach ! Seo a nisde dhut !
M Tapadh leat !
C Tha mi dochas gum bi sin ceart gu leòr.
M Och bithidh . It’s good enough for who it’s for ! Bheil fhios agad dè chòrdadh riumsa an dràsda – a bhith air an aiseag .
C Còrdadh ?
M Nach bitheadh e math ? Ag ithe bracaist .
C Tha fios a’m.
M Le marag dhubh , sausages , beans agus toast agus cupa teatha . Agus an uairsin suas gu mullach a ‘bhàta , agus anns a ‘ghaoth agus anns a’ghrian – it would be ideal .
C Chòrdadh sin riutsa !
M Bhithinn air m’fhìor dhoigh !
C Ged tha – chan eil thusa cleachdte ri bhi faicinn a ‘mhuir – far a bheil thu fuireach. Tha sinne cho cleachdte ris – a bhith ga fhaicinn a h-uile latha .
M Tha
C Tha mi ‘creidsinn nuair nach bi thu a’faicinn rud gum bi thu ga ionndrainn , nuairsin , nuair a gheibh thu e tha thu airson a bhith aige fad na tide .
M Well tha !
C Well – cho tric ‘s a s’urrainn dhut !
M Tha e caran … ironic gum bi mi a h-uile latha a’teagasg ‘sgum bi mi a’coimhead a mach an uinneag air a’mhuir , agus a ‘faicinn na yachts bheag a ‘dol sios is suas ..
C Bithidh
M ‘S bithidh mi a ‘smaoineachadh ..well tha mi …tha mi cho faisg seo , ach gu dearbh , really , bhithinn ag iarraidh a bhith air a ‘mhuir .
C Bhitheadh
M Ach co-dhiubh … C Bitheadh tu dol ….. bitheadh sibhse dol ann am bàta nuair a bha thu beag? Robh bàta aig .. agaibh aig an taigh ? Bàta beag na …. ?
M Well … bha bàta aig m’athair . Bha . Longa bheag . Geòla bheag . Agus .. em .. bhitheadh e a’dol a mach a dh’iasgach an còmhnaidh – well fad .. fad an t-samhraidh . Sin agad a ‘rud a bhitheadh sinn ag ithe ‘s a’Gheamhradh. Sgadan ‘s liùth shaillte – ‘s
- MZ000007 **************
rionnach shaillte , ach … em … tha .. ‘se nighean a bh’annamsa – still !
C Seadh.
M Cha do dh’atharraich sin fhathast ! Agus cha bhitheadh iad ag iarraidh mo thoirt a mach , a mach as a’bhàta . (uh huh) M’athair ‘s a’Luchag – sin an duine a bhitheadh e ag iasgach – fishing mate . Dè mu do dheidhinn fhèin ?
C Cha robh … cha robh … cha robh ùidh sam bith agam ann am bàtaichean . Agus cha robh … bha
M Robh bàta aig d’athair ?
C Ach bha share aige . Bha dìreach ochdnar aca , bha share aca ann am bàta iasgaich. bhitheadh iad a ‘dol a mach an dràsda ‘s a rithist – ag iasgach . Ach cha bhitheadh ro thric . Ach cha robh bàta againn idir – cha robh . Cha robh bàta againn – ‘Se glè bheag do dhaoine , nuair a smaoineachas tu air . Nisde – nuair a tha mi a’smaoineachadh air ais air – tha e cuir iogngadh orm nach robh barrachd dhaoine a’ sàs ann an iasgach .
M Nisde – an robh cladach agaibhse ?
C Cha robh faisg oirnn . Well bha , bha an Dùnan ann . An Dùnan far a bheil iad fhathast ga chleachdadh airson a bhith a’toirt … bithidh na bàtaichean iasgaich a’tighinn a ‘steach - bheil fhios agad – ach chan urrainn dhut –‘se seòrsa de – tha seòrsa de dùnan a th’ann – chan eil tràigh ann. (oh) Agus tha an traigh – ann an Dalmòr – an traighe as fhaisge oirnn , ann a’Dalmòr .
M Ma tha – tha sin suas piòs bhuaibh .
C Tha . Tha sin suas piòs bhuainn …. bhitheadh sinn a’dol ann an dràsda nam bitheadh an side math . Bhitheadh sinn a’dol ann airson an latha .
M Uh huh . ‘S am bhitheadh sibh a’coiseachd suas ?
C Oh bhitheadh . Ach glè thric , em , cha bhitheadh sinn a’coiseachd idir . Bhitheadh – bhitheadh Uncle m’athair – bha van mhòr aige – Bedford van .
M Oh aye. C ‘S bha e a’toirt crowd againn sios …. mumble……
M ‘S robh a’ghainmeach geal ?
C Tha – oh a’gheanmhach – tha a ‘gheanmhach anns na h-eileannan a muigh co-dhiùbh, cho breagha .
M Oh tha i dìreach àlainn .
C Ach nuair a bha mi a’dol – ‘o chionn ghoirid bha mi dol a null a dh’Uibhist ,’s chaidh mi null taobh – nach eil fhios agad air am bàta-aiseag a gheibh thu bhon t-Òb dhon …. Beàrnaraidh .
M Oh aye aye – ged nach robh mi riamh oirre .
C Well tha i uair a thide – tha thu dol air a’bhus sios , a Steòrnabhadh sios dhan an t-Òb . Agus nuair a dh’fhagas tu an Tairbeart , tha pìos mòr agad ri dhol mus fhaigh thu dhan t-Òb (mmhmm) , ach abair thusa seallaidhean de thràighean breagha – oh chan fhaca mise riamh cal cho breagha siud ! Tha iad feàr – rudeigin a chitheadh tu air a’Charibbeann , ‘eil fhios agad mar a chitheadh tu air a ‘Charibeann … chan e sin abhhainn – cha robh duine oirre ! Honestly ! Mìltean de de .. dh’astar ann a shin de ghainmheach – ‘s bha e cho geal ‘s cho breagha ‘s bha a ‘mhuir cho gorm …mumble ..
M Nisde – bheil a’mhuir - robh a ‘mhuir uaine ? Robh i uaine ?
C Bha i uiane – gorm air choireigin ..
M Bha uaine innte ann a ‘shin (ann sin)
C Tha
M Bha i dìreach àlainn . ‘Se bhitheadh snog air froca dhomhsa …
C Dè ?
M Nach e bhitheadh snog airson froca dhomh ?
C Oh nach e sin !
M Aye ! An dath sin … ‘s toigh leum…
C ‘Se …
M Ach .. em … tha an t-uisge cho fuar .
C Tha . Th’an t-uisge fuar . Ach – gheibh thu seachad air a sin . M Do you think ?
C Yes !
M So … em … Well , bha an taigh againne – ged nach fhaiceadh tu a’mhuir bhuaithe, bha e ri taobh a’chladaich – coig mionaidean – suas a’chnoc – timcheall agus bha a’mhuir dìreach ann a ‘shin – dìreach coig mioneadan .
C Seadh
M ‘S bha … gainmheach – bha tràigh dìreach aig .. aig … well beul a ‘loch – abhainn a ‘tighinn a staigh agus an tràigh ann sin .Agus an uairsinn bha na creagan a’fàs – you know – bha iad a ‘fàs nas àirde ann a ‘shin, ‘s nas àirde – nas àite a mach gu Dunvegan Head – agus timcheall gu Neist Point – dhan an Eist – agus em … mus deach .. mus deach na creagan ro fhada suas , bha taighean-bàtaichean ann a ‘shin – bha ‘s docha sia taighean beag bàta air an togail
C Mumble ??
M Well ‘se – bha ballaichean clach (uh huh) agus bhitheadh corrugated iron oirre – you know – bhitheadh iad .. bhitheadh iad air mullach a chuir … a chuir air na ballaichean a bha seo . ‘S bha taigh-bàta m’athair – e fhèin agus Dòmhnal Iain an ath dhorus – bha an dà bhàta aca – ged nach robh Dòmhnal Iain a’dol a mach mòran . Bhitheadh esan dìreach … bhiteadh am bàta aige a’ suidhe ann a ‘shin .
C Carson a bhitheadh sin a nis ?
M Well … tha mi a’smaoineachadh .. bha Dòmhnal Iain em … atharraichte , anns a’bhaile bheag againne ,air sgath’s gu robh pìos mòr mòr dhen a’mhonadh leotha fhèin.
C Uh huh.
M Scorr – Monadh a Scorr . Agus ..em .. bha car aca , agus bha ‘s docha .. can .. tri mìle caora air a’mhonadh sin .(uhuhu) So bha obair chaoraich air a’mhonadh sin .
C Oh aye
M Agus a nisde … dè bhitheadh aig m’athair .. och ‘s docha gum bitheadh tri fichead caora aig m’athair – rudeigin mar sin .
C Seadh .
M Agus bhitheadh iadsan air a’mhonadh againne – the common grazing . So – tha mi a’smaoineachadh gu robh barrachd feum againne air an iasg anns a ‘Gheamhradh – thoirreadh ‘s ann ag iasgach airson .. airson .. biodh ‘s a’Gheamhradh a bha sinn .. ach bhitheadh Stamhradh cuideachd ach – ag iasgach airson biodh . Linn sgadain ‘s rionnach ‘s liúth
- MZ000008 *************
is stuth mar sin . Em .. Có nisde a bha mi a’bruidhinn ris –cha robh iad riamh a ‘reic an iasg . Nuair a gheibhadh… Nuair a gheibhadh iad an t-iasg – nuair a chaidh m’athair a mach a dh’iasgach comhla ris a’Luchag , agus nuair a gheibhah iad an t-iasg , chumadh iad … a mhór …. a ‘chuid as motha dhaibh fhéin , dhuinn fhín , ‘s dhan … ach cha robh clann aig a Luchag e fhéin ‘sa bhean . Well – ‘s mise a ‘chlann a bh’againne (Mmmhmm) Agus shailleadh iad e agus rachadh iad timcheall , an uairsin agus bheiradh iad sgadan –no gu brith dé bh’ann , dhan na daoine ‘s a’ghleann ‘s cha ghabhadh iad airgead uair sam bith .
C Oh cha ghabhadh – cha robh iad a ‘gabhail airgead ann a’bhronag . Chan e sin an doigh a bh’aca . Bha iad an aon rud againne agus bhiodh … bhiodh iad an aon rud ann an Uibhist agus anns na Hearradh tha e coltach .Cha bhitheadh airgead a ‘dol steach dhan a’chúis idir .
M Cha robh . Agus an robh crodh agaibh ?
C Bha . Bha a’bhó againn . Aon bhó.
M Aon bhó .
C Bha bó cha mhór anns a h-uile taigh an uairsin anns a’bhaile againne (mmhmmh). Ach cha bhitheadh ann an taigh an dotair na .. aige…
M Oh cha robh aig a ‘mhinistear nas motha .. uh hu … cha robh..
C Ach bha bó ‘sa mhór … anns a h-uile taigh ..
M Agus bhitheadh … bha dá bhó againne an cómhnaidh , so bha… bhitheadh – bha dá mháirt , dá stirc agus dá laogh beag .
C Seadh seadh .
M So – bhitheadh … re-cycling .. nuair a bha iad a ‘dol air falbh , nuair a bha na st… dé …dé a ‘Gháidhlig a bha air ‘stirc’? Neo an e sin facal Gáidhlig ? Có dhiubh - teenagers (uh huh) . Agus nuair a dh’fhásadh iad aois air choireigin – ‘s docha dá bhliadhna – chan eil fhios agamsa reicear iad – reicadh m’athair iad ,agus an uairsin bhitheadh … an dá laogh beag … bhitheadh iadsan a ‘fás nas motha , agus bhitheadh …bhitheadh na máirt a’deanamh the next round !! So sin mar a bha e a’dol . So bhitheadh barrachd bainne againne na bha dhìth oirnn .
C ‘S dè bhitheadh sibh a’deanamh leis ?
M Well … ma bha ‘s docha cuideigin …. thoireadh cha robh bainne aig a’chrodh aig an aon àm , ‘s docha ma bha a’bhò agadsa … ‘s bha i tiorm an drasda , bheireadh sinne bainne dhut .
C Channadh sinne – bha iad seasg .
M Seasg ! (uh huh) Oh sin e ! Nuair a bha iad seasg (uh huh)
C Tha mi a ‘smaonachadh gur e sin a chanadh iad .
M Aye I think so (uh huh) Agus … Oh nam bitheadh bandrach – you know – ‘s docha – sean chailleach bheag , neo rudeigin – bheiradh iad am bainne dhi . Agus – bhitheadh sinn a ‘deanamh caise dheth .
C Uh huh. Is ìm.
M Agus ím
C Bhitheadh sinn a’…. bhitheadh mo mhathair an còmhnaidh a ‘deanamh gruth .
M Gruth ! ‘Se .. chan e caise ach gruth ..
C Gruth is bárr.
M Dé Bheurla a tha air gruth ?
C Crowdy.
M Crowdy . (uh huh) . A nisde – inns dhomh – an e crowdy ricotta ?
C ‘Se .. ‘se seorsa de ghruth a th’ann ..’se
M ‘Se ..
C Ach bhitheadh sin a ‘dol – gruth is bárr .
M So … bhitheadh sibhse a nisde … bha crodh … bha bó agaibh , bha marst agaibh an robh caoraich agaibh ?
C Cha robh . Ach bha caoraich aig m’uncle. Cha robh caoraich againne idir.
M Uh huh . Ach bha sibhse a ‘deanamh clóimh , nach robh ?
C Oh bha , bha m’athairsa an còmhnaidh a ‘fitheadh bhon a thàinig e mach as a’…. bha e na phrìosanach anns a’ …. anns a’ chogadh mu dheiradh .
M Uh huh
C Airson ceithir bliadhna – thàinig e dhachaidh glè ghoirid as deidh sin . Phòs iad . Phòs iad …… fair … ann a’46 . Sgurr an cogadh an a ’45 agus phòs iad ann (uh huh) a ‘46 . ‘S thàinig iad a Charlabhaidh .
M Saoil dè an aois a bh’iad ?
C Well , cha robh ach glè òg . Bha mo mhàthair – rugadh i ann an 1916 –( uh hmm) so bha i 30 .
M 30
C Hmmm – cha robh i cho òg sin .
M Oh cha robh i cho òg sin.
C Bha m’athair …. bha m’athair dà bhliadhna nas òige na i . Bha esan ann an 1918. So bhiodh esan 28 . Ach nach e bha òg anns a ‘chogadh – smaoinich na balaich òg a tha sin ..
M ‘Se balaich … well ‘se balaich a th’annta fhathast //
C Na phrìosanaich ..
M ‘Se balaich a th’annta fhathast ..
C ‘Se . So sin mar a bha sinne. Bha .. ‘s bha m’athair .. mar a bha a h-uile duine againne anns a ‘bhaile – ‘s ann ri fitheadh a bha iad.
M Sin agad a ‘rud – nisde – cha robh duine beo anns a’ghleann againne a’fitheadh.
C Cha robh ?
M Cha robh . Cha robh anns an Eilean Sgitheanach .
C Bha ann am Portnalong nach robh ?
M Cha…chan eil fhios agam ..
C .. A thàinig null as na Hearradh ?
M Oh na Hearraich ….. mumble
C Uh huh – tha mi smaoineachadh gun cuala mi gu robh duine na dhà … o chionn bliadhnaichean … dh’fhaodainn a bhith ceàrr a nis – chan eil mi buileach cinnteach
M Well – tha fios agam gu robh Hearraich a Caolas Scalpaidh ann am Portnalong .
C Mmhh hhmmm
M Thoirreadh bhiodh m’athair agus Hearrach eile anns a ‘ghleann … bhiodh iad ..Johhny Mòr … bhiodh iad a ‘dol sios . Bha car aig Johnny Mòr , is bùth bheag aige fhèin is a phiuthar – cha do phòs iad riamh .
C Seadh.
M Well – cha do phòs iad a chèile agus cha do phòs iad duine sam bith eile !
C Uh huh ..
M Em … so anns a’Gheamhradh , dh’fhalbhadh m’athair còmhla ri Johnny Bàn – Johnny Mòr – bha dà ainm air. Bha falt bàn air ‘s bha e mòr. Agus , cha tilleadh iad airson oidhche is latha . ‘S cha robh mise riamh
- MZ 09***********
ann agus chan eil fhios agam fhathast gu dè bha iad a ‘deanamh. Ach tha mi a ‘smaoineachadh gu robh iad a ‘dol sios a’cheilidh air na Hearraich – na cousins aca – agus tha mi a ‘deanamh dheth gu robh iad ag òl !! Dà latha !!... bhiodh an còmhnaidh botal uisge beatha aig m’athair a ‘falbh. Agus cha robh sin cumanta ga fhaicinn .
C Cha robh – cha robh airgead ann . Cha robh an t-airgead ann airson a chuir ann a’rudan mar , mar an t-òl …nuar a bha mi a ‘fàs suas .
M Cha robh . Nisde – an robh sibhse – am biodh botal agaibhse anns an taigh ?
C Cha robh . Direach aig àm na Bliadhna Ùr . (uh huh ) Àm na Bliadhn’ Ùr . Em .. bhiodh iad an uairsin a’cumail na Bliadhn’Ùr agus ‘se rud mòr a bh’ann . Bhiodh an còmhnaidh daoine a ‘tighinn a’chuir na Bliadhn’ Ùr … bhiodh do nàbaidh a ‘tighinn a chuir a ‘Bhliadhn Ùr ort . Air latha na Bliadhn’ Ùr . (uh huh ) . Em … ‘se rud mòr a bh’ann . (uh uhuh). Bheil fhios agad … bha … bha … bha e ciallachadh tòrr dhaibh . Latha na Bliadhn’ Ùr .
M Bha .
C Cha robh guth aca air Nollaig.
M Cha robh . Oh Shìorraidh cha robh.
C …Latha na Nollaig . Bha a h-uile duine ag obair. Cha robh duine a’sgurr a dh’obair.
M Cha robh .
C ‘Se rud ùr a th’ann – na Christmas holidays .
M Well ‘se … ‘se rud mu dheidhinn an airgead a th’ann , nach e ?
C och ‘se.
M So … robh … robh rud … rud àraidh a bhiodh sibh ag ithe no rud sam bith ?
C Well – tha cuimhne agam – bhiodh – bha . Oidhche na Bliadhn’ Ùr … bhiodh mo mhàthair .. tha cuimhn agam aon thrup co-dhìubh , mar a th’eil dà thuras , bha i faighinn pìos do phickled beef .
M Cia…. aye – as a ‘bhuidsear ?
C Uh huh … bha …. bha … chan eil fhios ‘am – ann a’ Steornabhaigh (oh aye) . Is bhiodh e againn comhla ri buntata pronn . O Dhia – ‘s bha e math . Aig meadhon oidhche .
M Aig meadhon-oidhche .
C Nuair a bha a Bhliadhn’ Ùr a ‘tighinn a steach
M Oidhche Chaillean (sp?)
C Oidhche Chaillean . Mmm hmm. Tha cuimhne agamsa air sin .
M So nuairsin bhiodh … so bhiodh botal uisge-beatha – biodh iad a ‘dol timcheall .. biodh iad a….. an taighe ?
C Bhiodh …bhiodh
M Bhiodh cuid a dhaoine a’fàgail ,’s bha cuid a dhaoine a’fuireach aig an taigh ?
C Well …. a ‘chuimhne a th’agamsa – ‘se bhiodh na nàbaidhean ‘s docha – cuideigin bho shuas am baile – thigeadh iad a mach – direach leis a’bhotal ‘s ?rachadh(?not sure what she says here) iad bho thaigh gu taigh , ‘s gheibhadh tu aon nip mach as a ‘bhotal . Thug m’athair dhomh aon nip . (uh huh ) … as a’bhotal .
M Oh aye – cha bhiodh mo mhàthair ag òl idir ach bhiodh m’athair ag òl.
C Agus sin mar a bha
M Uh huh C Ach of course – nuairsin thàinig atharrachadh mòr air an àite mar a thàinig air a h-uile àite eile . Tha mise a ‘smaoineachadh – och chan eil fhios ‘am – chan urrainn dhuinn stad …. stad a chuir air rudan a tha sinn . Tha mise smaonachadh gun do thòisich a h-uile rud a dhol a thaigh na croich nuair a thàinig an television .
M A thaigh na croich –
C A thaigh na croich .
M Dè tha sin ?
C Och – taigh na croich
M A chruich ?? A thuigh na croich ????
C Taigh na croich !
M Taigh na croich
C Taigh na galla .. nach eil fhios agad (aye aye )… tits up !! Nuair a thòisich an telly – dh’atharraich tòrr rudan anns na h-Eileanan , gu h-àraid ! ‘S an diugh tha telebhision anns a h-uile rium cha mhòr , nach eil ?
M Tha … mmmhmmm … oh tha
C ‘Se call mòr a bh’ann . ‘Se call mòr a bh’ann .
M So ..tha …. chan eil daoine ….. cha robh daoine … chan eil leithid a dh’fheum aca air a bhith a’dol a-mach ‘s a bhith a’crac .
C Och chan eil ..
M ‘S a bha , ‘s a b’abhaist – faodaidh iad dìreach suidhe ann a shin agus coimhead air rudeigin.
C Tha fios agam .
M Mmhumm . Agus an uairsin tha e a’cuir miann annta airson stuth nach eil aca ..
C Uh huh . Well bha.. chan eil fhios ‘am dè mar a tha an diugh – tha urrad de dh’airgead aig daoine an diugh a Mhuirgheal a bharrachd air na lathaichean sin . Tha urrad de dh’airgead …. bithidh thusa …. ged nach eil iad ag obair …tha …tha .. gheibh thu a h-uile call air iosad an diugh . Bheil fhios agad – credit cards .. fad na tide .
M Tha fhios ‘am .
C ‘S chan eil duine , chan eil duine nach eil .. math dheth … anns na h-Eileannan .
M Chan eil . Chan eil iad bochd mar a bha sinne . Ach am bheil fhios agad , nuair a bha sinne bochd…. agus tha cuimhne agams nuair a bha …. nuair a thigeadh am pension ‘se …. bha mo …. bha mo pharantansa cho sean gu robh…. bha iad a ‘faighinn am pension . Agus thòisich m’athairsa ag obair aig sixty five . Croitearachd . Sinn nuair a thòisich e , thoirreadh bha e air a bhith air falbh. Bha iad air a bhith air falbh .
C Bha…
M Agus bha .. chuir iad a staigh mu choig bliadhna deug a’croitearachd , aig 65 nuair a bha a h-uile duine an latha diugh retiring .
C Tha sin ann . Cha robh duine a ‘retireadh an uairsin . Cha robh thu a ‘sgurr dheth d’obair gun an latha a bhàsaicheadh tu . Bha comas agadsa idir – bha thu ag obair
M Agus .. tha cuimhne agams gum biodh iad a ‘cunntais .. em a ‘cunntas an t-airgead a’phension –
C Bhiodh
M Cha robh ann ach beagan airson a ‘ghas cylinder
C ‘Se
M Beagan airson … well cha robh an electricity ann an toiseach , ach an uairsin thàinig an dealan . Bhiodh sin ann – agus – em – so bha iad a ‘deanamh airgead dhen a ‘phension , dhen a ‘chrodh , dhen a ‘chlòimh – ga reic – clòimh na caoiraich . Agus .. bhiodh e … bhiodh e a’deanamh …. bhiodh e a’marbhadh róin .(uh huh) agus a ‘toirt dhiubh am bian … deanamh … bhiodh e a’leaghadh .. dé an t-ainm a bha agad air ..?
C Cloidh ? ‘Se cloidh a chanadh sinne .
M Cloidh ?
C Cloidh . Chan e clómh a chanadh sinne . ‘Se clóidh .
***********MZ000010************
M Oh ‘se clóimh …. Agus biastan dubh . Bhiodh …bhiodh e marbadh biastan dubh -
of course they would shoot himself today if they knew that – but that was part of our livelihood (uhh hmm) so nisde …so… airson airgead , bha sibhse … bha sibhse .. so bha shibhse deanamh … ‘se figheadh a tha thusa a’cannteil ris ?
C Breabadaireach no figheadh M Breab .. figheadh ??
C Breabadaireachd … ‘se breabadair a bha nam athair.
M Ah huh – agus ciamar a bha sin ag obair ? Co ás a bhiodh e …. am bitheadh e faighinn clóimh … ? Ciamar a bha e ag obair ?
C Bha tórr em … bha na muileann ann a ‘Steornabhaigh (uh huh) bha a ‘mhuilean eile ann a ‘Siabost .
M Seadh . Aig Derek .
C Staigidh … Cha robh .. aig Derek an uairsin -ach Staigidh a chanadh iad ris . Em ..agus nuairsin bhiodh e … bhiodh na muilinn a’ cuir a null air lorry , cuir a null na clòimhtinn – bheil fhios agad … eh .. bhiodh iad … chan eil fhios agam dè chanadh iad riutha ? “Issue” ? ‘se “issue”
M Bheil an issue a ‘tighinn ?
C Uh huh . Agus em .. sin mar a bha iad ag obair , nuairsin nuair a bhiodh eh, clòimh deiseil bhiodh e … bhiodh na lorryean a ‘tighinn timcheall . Bhiodh tu a ‘cuir a ‘chlòimh taobh a muigh a ‘gheata gus an tigeadh an lorry agus thogadh iad e null chun na muileann . Bhiodh lorry , bhiodh lorry aig a h-uile muileann . Bha tòrr dhe … bha barrachd air aon mhuilinn ann a’Steornabhaigh , tha mi a ‘smaonachahd gu robh ceithir no coig dhiubh aig an àm .
M So … bheiradh tusa dhaibh clòimh dhe na caoraich air an rùsgadh ?
C Oh cha toir … gheibhadh iadsan e a àitegein – chan eil fhios agam cò as a bha a’chlòimh a’tighinn . Tha mi a’smaonachadh gu robh iad a ‘toirt a’chlòimh a steach bho .. bho Tìr Mòr .
M Oh aye. So bheiradh … bheiradh iadsan thugaibhse a’chòimh ?
C Bheiradh iad thugainn .. eh … bheiradh iad thugainn eh snamhla (?) an snamhla (?) The wool.
M The wool .
C Uh huh. Agus dh’fheumadh tu an uairsin … dh’fheumadh tu an uairsin a chuir air a’mhachine airson boban beag a dheanamh .(Uh Huh) Gheibhadh tu boban mòra . Is bha m’athair a ‘faighinn … gheibhadh tu bobann mòra mòra mòra – bheil fhios agad – ach dh’fheumadh tu a chuir dhan na feadhainn beaga . Bha iad an uairsin a ‘faighinn an clòimh – bheil fhios agad – pios … an snàmhlan air a dheanamh mar hanks mòr fhada dheth .
M Seadh.
C ‘S bhiodh m’athair an uairsin ga mhìnigeadh – bhiodh e ga chuir air a ‘mhachine air rolladh mhòr , ‘s ga …ga … bhiodh e ga … dè an t-ainm a bha siud ?? em … em dhia chaidh e às mo chuimhne “tinein””( ???) Bhiodh iad an còmhnaidh a’ fàgail piòs dhen a ‘chlòimh mu dheireadh (seadh) .. gus an …. gus an … cuireadh iad air an ath chlòimh. Bheil fhios agad ?
M Oh aye – uh huh ….
C Bhiodh iad ga fhigheadh , bhiodh iad ….. dh’fheumadh e fhigheadh le làmhan .
M Uh huh.
C Bha ‘lengh’ sin … agus can … sin … (Uh huh ) , agus bhiodh e ga fhigheadh le làmhan agus an uairsin a’bìneagadh an clòimh sin .. bheil fhios agad …bhiodh na shanks a tha seo (uh huh) bha iad fada fada fada fada agus bha iad ga ….. bhithinnsa ga chuideachadh leis a ‘bhìnneagadh … ‘s dh’fheumadh tu … bha a h-uile call cho rèimh. Bhiodh e air rolladh mhòr mhòr – nuairsin bhiodh e tron a … toiseach … nuairsin … rolladh dhan a’taobh eile dhen a ‘bheart , agus bha thu nuairsin … dhe na bobbainn beaga – bha thu gan cuir a steach dhan a ‘spàl . ‘S bha an spàl an shuttle (oh aye uh huh) ‘bhiodh e a’dol mar sin . ‘S bhiodh a’spàl a’dol a mach ‘s a dha … a’dol a steach mar sin agus bhiodh iad a ‘ dol eh .. bhiodh … bhiodh iad eh… a’figheadh a ‘chlòimh a nuairsin. Le ’n casan , le ’n chasan , breabadh nan casan.
M An e nan casan ……?
C Nan casan – ‘se sin a bha a’cumail a’bheairt a’dol.
M So nuairsin – ‘se fuaim a tha sin fhèin … nach e ?
C Mmm hmm ‘se.
M Tha CD agamsa a thug cuideigin dhomh ‘s – The sounds of Harris and Lewis (mmh hmm) . An cuala tu e ?
C Cha chuala .
M Eh … oh nach cuala ? Fuaimeanan – agus tha mise glè chìnnteach gu .. gu bheil fuaim ann a dh’fhaighnicheadh tusa nach bi as ma…. Oh feumaidh mi ..(uh huh) … bithidh e agam aig an taigh … feumaidh mi copy no rudeigin fhaighinn dhut ach an éisd thu ris .
C Nach iad a bha …nach iad a bha ‘fit ‘ – fad’ an latha
M Smaonaich ! C Fad’ an latha – casan mar siud – fad’ an latha ..
M Casan laidir !
C Sin a fáir (?) Nach ann ! Gu deimhinne dhut – bhithinn-sa … bhithinn-sa air a bhith … (?? - ) … nuair a bha mi anns a …anns a’bhún sgoil . Bhiodh iad … chaidh sealtainn dhomhsa dé mar a dheanadh tu sin nuair a bha mi …. tha mi smaonachadh nach robh mi ach ochd no naoi . (Uh huh ) ‘S dh’fheumainn a dheanamh a h-uile latha .
M Nisde … so – nuair a bha e deiseal , am biodh piós clóimh aige mar seo ?
C Bhiodh. Agus bhiodh iad … nuairsin bhiodh e … bhiodh e … bhiodh e nuairsin ..em … bhiodh e ga phasgadh . Nuair a thigeadh e bhon a’ ….bhon a’ … bhon a ‘rolladh mhór a bha seo (uh huh ) . Fon a ‘drum mhór a bha seo nuair a bhiodh e deiseil . Bha e nuairsin ga phasgadh . Díreach ga phasgadh … bhiodh e cho …. tha mi creidsinn .. mar sin… (aye) direach …mumble … mar sin …. (uh huh) agus ga cheangail an uairsin le sreang .
M ‘S dathan … robh dathan .
C Well , dh’fheumadh iad … bhiodh iad a ‘ faighinn pátran fon a’ …. fon a’ mhuilinn .
M Aye.
C ‘S dh’fheumadh iad leantainn am pátran sin . Mar as trice ‘se herring bone …. four by two no rudeigin a bh’ann – cha eil mise .. cha robh mise …Chan eil …cha chùimhnich mise ainmean mar sin dhòmhsa . Ach an drasda ‘s a rithist gheibhadh tu , gheibhadh iad pàtran sònraichte .
M Aye
C Ach aig an àm sin , ‘se ..’s ann bhon … bha bha clòimh ga chuir air falbh airson seacaidean fir , agus sgiortaichean – tha fhios agad – rudan dorcha ……… *************************************** MZ000011
C Bheil fhios agad … An diugh an nisde , tha … well ..chleachd iad a bhith a’cuir barrachd dathan ann . (uhuh) Bha iad a’dol dhan na fashion houses ann am Milan – agus àitechan mar sin .. (mmh hmmm ) – bheil fhios agad – is thòisich a’chlòimh … Ach tha cuimhne agamsa cuideachd , thàinig boireannach Perrins. Cailleach Perrins a bhiodh aca oirre . Bha i fhein agus Perrins an duine aice – duine beartach ….. thàinig iad a dh’fhuireach ann an Gearraidh na h-Aibhne Lodge agus thòisich iadsan air Seamore Tweeds – ‘s bha iad fair cho beautiful – lurex – bha lurex tromhpa – bheil fhios agad – rudan … bha iad cho fine – bheil fhios agad … clòimh – very very very fine tweed – ach bha – bhiodh lurex troimhe . Seamore .. Seamore Tweeds .
M ‘S an e …. dè th’ann a lurex ? An e rud sparkly ??
C Mmm hmmm
M Smaoinich !
C Bha . Bha – beautiful . Ach chan eil fhios agamsa nis …’s docha gu robh iadsan ga chuir an null gu na …gu na … gu na fashion houses an àiteigin … mar a … mar a… cha do mhair iad robh fhada saoilidh mi . Feumaidh mi coimhead air an eadar-liòn a dh’fhaicinn a bheil eachdraidh Seamo Tweeds ann. Eachdraidh …. Tha iadsan … Perrins … bheil fhios agad air Lee and Perrins sauce ?
M Tha .
C Se esan Perrins .
M Oh se sin na Perrins ?
C ‘Se sin na Perrins a bh’ann.
M Oh … ma tha …
C Ach bhàsaich esan agus bha ise ….. ach tha e coltach gu robh i uabhasach math dhan a ‘luchd obraich aice .
M Uh huh
C Mhh hmm . Tha e coltach gu robh .
M Gearraidh na h-Aibnne .
C Bha iad a ‘fuireach shuas ann an sin . Ach bha mise chò aig an àm – cha bhiodh sinne – cha robh a’chiall agamsa cuir na ceistean a bu chòir dhomh a bhith gan cuir. Bheil fhios agad ?
M Duine againn
C Nuair a tha thu òg mar sin chan eil e tighinn a steach ort faighneachd ceistean mar sin .
M Chan eil – agus bheil fhios agad … an drasda a nisdea – b’fhearr leumsa gu robh na bodaich ‘s na caillich beò … mumble … tha leithid againn …. tha sinn air leithid a chàll .
C Uh huh … sin mar a tha …. mumble … M Och well ‘s ann. Sin a ‘rud. Och well bha siud glè mhath .
C Fhuair sinn rud beag .
THE END !