Difference between revisions of "Muriel Fisher talks to Christine Primrose"

From Scottish Gaelic Grammar Wiki
Jump to: navigation, search
()
()
Line 13: Line 13:
 
|-
 
|-
 
| ||This||PREP.2SG||2PL.PN||BE||this||  
 
| ||This||PREP.2SG||2PL.PN||BE||this||  
|-
+
|- align="center"
 
|colspan=7|''Right! Here we are on the 4th of August. It's a Saturday.''
 
|colspan=7|''Right! Here we are on the 4th of August. It's a Saturday.''
 
|}
 
|}
Line 30: Line 30:
 
|-
 
|-
 
|Those|||CMP|| ||3SG.PRES.BE||we||is||this||anyway
 
|Those|||CMP|| ||3SG.PRES.BE||we||is||this||anyway
|-
+
|- align="center"
 
|colspan=8|''Translation here''
 
|colspan=8|''Translation here''
 
|}
 
|}
Line 40: Line 40:
 
|-
 
|-
 
|Neg||Be.PRES||'news'||PREP.us|| ||what||concerning||those
 
|Neg||Be.PRES||'news'||PREP.us|| ||what||concerning||those
|-
+
|- align="center"
 
|colspan=8|''Translation here.''
 
|colspan=8|''Translation here.''
 
|}
 
|}
Line 49: Line 49:
 
|-
 
|-
 
|BE.PRES||‘those’||on|| ||CMP||REL.FUT.POS.BE||1SG.PN.EMPH ||‘speaking’||‘rice’||‘class’||‘Gaelic’||PREP.1SG
 
|BE.PRES||‘those’||on|| ||CMP||REL.FUT.POS.BE||1SG.PN.EMPH ||‘speaking’||‘rice’||‘class’||‘Gaelic’||PREP.1SG
|-
+
|- align="center"
 
|colspan=16|''Translation here.''
 
|colspan=16|''Translation here.''
 
|}
 
|}
Line 56: Line 56:
 
|-
 
|-
 
|Be.PRES||‘news'||PREP.2SG
 
|Be.PRES||‘news'||PREP.2SG
|-
+
|- align="center"
 
|colspan=3|''Translation here.''
 
|colspan=3|''Translation here.''
 
|}
 
|}
Line 63: Line 63:
 
|-
 
|-
 
|CONJ||BE.PRES||we||BE.PRES||1SG.PN.EMPH||BE.PRES||1SG||‘time’||BE.PRES||‘time’
 
|CONJ||BE.PRES||we||BE.PRES||1SG.PN.EMPH||BE.PRES||1SG||‘time’||BE.PRES||‘time’
|-
+
|- align="center"
 
|colspan=11|''Translation here.''
 
|colspan=11|''Translation here.''
 
|}
 
|}
Line 71: Line 71:
 
|-
 
|-
 
|BE.PRES||‘time’||‘going’||‘walking’||'as'||‘past’||‘as’||'walking'
 
|BE.PRES||‘time’||‘going’||‘walking’||'as'||‘past’||‘as’||'walking'
|-
+
|- align="center"
 
|colspan=8|''Translation here.''
 
|colspan=8|''Translation here.''
 
|}
 
|}
Line 79: Line 79:
 
|-
 
|-
 
|BE.PRES||‘must’||PREP.1SG||‘on’||‘cup’||‘coffee’||BE.PRES.QP||‘news'||PREP.2SG||‘on’||‘those’
 
|BE.PRES||‘must’||PREP.1SG||‘on’||‘cup’||‘coffee’||BE.PRES.QP||‘news'||PREP.2SG||‘on’||‘those’
|-
+
|- align="center"
 
|colspan=11|''Translation here.''
 
|colspan=11|''Translation here.''
 
|}
 
|}

Revision as of 16:00, 10 March 2014


Description of what this is

Muriel Fisher chats with Christine Primrose


Contents

Muriel:

Right Seo agad sinn ann seo 4th of August, it’s a Saturday July
This PREP.2SG 2PL.PN BE this
Right! Here we are on the 4th of August. It's a Saturday.


Christine:

No – it’s August 2007

Muriel:

Sin mar a tha sinn ann seo co-dhiubh ….
Those CMP 3SG.PRES.BE we is this anyway
Translation here

Christine:

Chan eil fhios againn …dè …??? mu dheidhinn sin !
Neg Be.PRES 'news' PREP.us what concerning those
Translation here.

Muriel:

‘S ann a tha sin air ‘island time‘ bhios mise a’cantainn ris a chlas Ghàidhlig agam.
BE.PRES ‘those’ on CMP REL.FUT.POS.BE 1SG.PN.EMPH ‘speaking’ ‘rice’ ‘class’ ‘Gaelic’ PREP.1SG
Translation here.
Nach eil fhios agad ?
Be.PRES ‘news' PREP.2SG
Translation here.
Agus em … tha sinn … tha mise a’càll ... tha mi a’càll an tide.
CONJ BE.PRES we BE.PRES 1SG.PN.EMPH BE.PRES 1SG ‘time’ BE.PRES ‘time’
Translation here.
Tha an tide a’dol luadh cho seachad (!) seachad cho luadh .
BE.PRES ‘time’ ‘going’ ‘walking’ 'as' ‘past’ ‘as’ 'walking'
Translation here.
Tha feum agams’ air cupa coffi, bheil fhios agad air sin ?
BE.PRES ‘must’ PREP.1SG ‘on’ ‘cup’ ‘coffee’ BE.PRES.QP ‘news' PREP.2SG ‘on’ ‘those’
Translation here.

2

Christine:

Bheil thu ag iarraidh cupan cofi ?
BE.PRES.QP 2.SG.PN PREP ‘asking’ ‘cup’ ‘coffee’


Muriel:

Och well chan eil fuirichidh mi gu faigh [Sigh]
‘well’ Neg Be.PRES ‘wait’ 1.SG.PN PREP ‘get’
sinn a Phortrigh.
‘those’ ‘Portree’

Christine:

Bheil thu cinnteach ?
BE.PRES.QP 2.SG.PN ‘certain’

‘Are you certain?’


Muriel:

Aye. Ach bhitheadh e math . Chan eil
‘yes’ ‘but’ Be.RELFUT 3.SG.MASC.PN ‘good’ NEG Be.PRES

‘Yes, but it will be good…’

cofi agad co-dhiùbh a’bheil ?
‘coffee’ PREP.2SG ‘anyway’ QP’BE.QP

Christine:

Tha cofi agam .
BE.PRES ‘coffee’ PREP.1SG

‘I have coffee.’

3

Muriel:

Oh siud – chan eil mi keen air siud .
‘Oh’ DEM NEG Be.PRES 1SG.PN ‘keen’ ‘on’ DEM

‘Oh that- I’m not keen on that.’


Christine:

Cuiridh mi air an coire ?
‘toward’ 1.SG.PN ‘on’ ‘kettle’

?’Hand me the kettle’


Muriel:

Cuiridh – thalla’s cuir air an coire .
‘toward’ ‘well’ ‘put’ ‘on’ ‘kettle’

?’Here- put the kettle on’

Muriel:

Aye – cuir boinneag uisge ann .
‘yes’- ‘toward’ ‘water droplet’ ‘water’ ‘exists’

‘Yes, there’s a wee bit of water.’

So tha side math ann an diugh -
‘so’ 3SG.PRES.BE ‘weather’ ‘good’ ‘exists’ ‘today’

‘So, there’s good weather today.’

chan eil e fliuch –for once !
NEG BE.PRES 3SG.PN ‘wet’

‘-it’s not wet for once.’

Christine:

Cha robh Samhradh againn.
NEG Be.PAST ‘summer’ PREP.1PL

‘It wasn’t summer by us

Muriel:

Cha robh.
NEG Be.PAST

‘It was not.’

Christine:

Bha Samhradh againn ann seo –
be.past ‘summer’ PREP.1PL this -
tha mi creidsinn aig deiradh April –
Be.PRES 1SG.PN ‘beleive’ PREP? April
a’Ghiblean – deiradh April .
‘April’
side air leth teth againn .
be.past 'weather' 'on' 'half' 'hot' PREP.1PL
Anns na h-Eileannan .
CMP 'island'
Bha mise ann a’Leodhas aig an àm.
Be.PAST 1SG.PN.EMPH
Agus bha dìreach – cha b’urrainn dhut a chreidsinn
cho blath ‘s a bha e .
Bha a h-uile duine a
‘bruidhinn air – ach bhon uarsinn – cha d’fhuair sinn –

|{ |ach |siud |‘s |an |seo - |- | | | | | |}

cha d’fhuairs sin Samhradh ann .

4

M Well … feumaidh … an latha a thàining mise nuas , mi fhìnn ‘s Marie a Glaschsu, thòisich an t-uisge – bha side breagha ann an Glaschu . Thòisich an t-uisge dìreach mus d’ràinig sinn Malaig. Agus a h-uile duine a ‘cannteil “Oh – you should have been here last week – the weather was beautiful “

C Bithidh sin a ‘tachairt ! Tha corra latha math ann .. ceart gu leor..

M Och well tha …

C An t-uabhas uisge .. am faca sibh an t-uisge a bh’aca shios a Sasuinn ? Cha leig sinn a las ar beul fhosgladh …

M Tha fios ‘am . Tha fios ‘am . Nisde – an cuala thusa an diugh air a ‘wireless gu robh … em …. tuiltean mòr mighty aca ann an Asia mar a chanas iad

C Cha chuala .

M Chan eil fhios a’msa am b’fhathaist dhuinn a bhith a’cluintinn mu dheidinn sin , no … bheil cuimhne agad fhein - mìltean – milleanan de dhaoine le uisge – an àite fon uisge ?

C Oh cha chuala mi sin.

M Ann an India agus ann am Bangladesh agus ann an China . Bha mise ag èisdachd ris a ‘wireless feadh na h-oidhche nuair a …. you know – step out of news – air ais a chadal – bithidh mi cluintinn rudan mar seo. Cha chuala sibh càl dheth ? Bheil cuimhne agad cluintinn mu dheidhinn roimhe ?

C Well – ‘se an fhirinn innse dhut – tha mi cho cleachte bhith cluintinn rud – bheil fhios agad – rudah mar sin air feadh an t-saoghail ann an diofar àiteachan , agus dh’fhaodadh gum bi … aonan – landslide uabhasach ann an àiteigin ann an India .

M Oh bha . Bha earthquake aca . Crith-thalmhain .

C Bha crith-thalmhain aca – robh ?

M Bha – cha chluinn thu dad a nisde – ciamar a tha na bailtean ?

C Bheil thu gabhail siucar ?

M Tha , ma ‘se do thoil e . Cha chluinn thu … ciamar a tha na daoine sin ? Bheil thu smaoineachadh gu bheil taighean aca nisde ? Chan eil .

C Chan eil . Chan eil – na truaghainn . Sin?

M Aye. ‘Se tri a bha siud .


C Tha iad beag ! Chan eil annda ach spainnean beaga biodach ! Seo a nisde dhut !

M Tapadh leat !

C Tha mi dochas gum bi sin ceart gu leòr.

M Och bithidh . It’s good enough for who it’s for ! Bheil fhios agad dè chòrdadh riumsa an dràsda – a bhith air an aiseag .

C Còrdadh ?

M Nach bitheadh e math ? Ag ithe bracaist .

C Tha fios a’m.

M Le marag dhubh , sausages , beans agus toast agus cupa teatha . Agus an uairsin suas gu mullach a ‘bhàta , agus anns a ‘ghaoth agus anns a’ghrian – it would be ideal .

C Chòrdadh sin riutsa !

M Bhithinn air m’fhìor dhoigh !

C Ged tha – chan eil thusa cleachdte ri bhi faicinn a ‘mhuir – far a bheil thu fuireach. Tha sinne cho cleachdte ris – a bhith ga fhaicinn a h-uile latha .

M Tha

C Tha mi ‘creidsinn nuair nach bi thu a’faicinn rud gum bi thu ga ionndrainn , nuairsin , nuair a gheibh thu e tha thu airson a bhith aige fad na tide .

M Well tha !

C Well – cho tric ‘s a s’urrainn dhut !

M Tha e caran … ironic gum bi mi a h-uile latha a’teagasg ‘sgum bi mi a’coimhead a mach an uinneag air a’mhuir , agus a ‘faicinn na yachts bheag a ‘dol sios is suas ..

C Bithidh

M ‘S bithidh mi a ‘smaoineachadh ..well tha mi …tha mi cho faisg seo , ach gu dearbh , really , bhithinn ag iarraidh a bhith air a ‘mhuir .

C Bhitheadh

M Ach co-dhiubh … C Bitheadh tu dol ….. bitheadh sibhse dol ann am bàta nuair a bha thu beag? Robh bàta aig .. agaibh aig an taigh ? Bàta beag na …. ?

M Well … bha bàta aig m’athair . Bha . Longa bheag . Geòla bheag . Agus .. em .. bhitheadh e a’dol a mach a dh’iasgach an còmhnaidh – well fad .. fad an t-samhraidh . Sin agad a ‘rud a bhitheadh sinn ag ithe ‘s a’Gheamhradh. Sgadan ‘s liùth shaillte – ‘s

              • MZ000007 **************

rionnach shaillte , ach … em … tha .. ‘se nighean a bh’annamsa – still !

C Seadh.

M Cha do dh’atharraich sin fhathast ! Agus cha bhitheadh iad ag iarraidh mo thoirt a mach , a mach as a’bhàta . (uh huh) M’athair ‘s a’Luchag – sin an duine a bhitheadh e ag iasgach – fishing mate . Dè mu do dheidhinn fhèin ?

C Cha robh … cha robh … cha robh ùidh sam bith agam ann am bàtaichean . Agus cha robh … bha

M Robh bàta aig d’athair ?

C Ach bha share aige . Bha dìreach ochdnar aca , bha share aca ann am bàta iasgaich. bhitheadh iad a ‘dol a mach an dràsda ‘s a rithist – ag iasgach . Ach cha bhitheadh ro thric . Ach cha robh bàta againn idir – cha robh . Cha robh bàta againn – ‘Se glè bheag do dhaoine , nuair a smaoineachas tu air . Nisde – nuair a tha mi a’smaoineachadh air ais air – tha e cuir iogngadh orm nach robh barrachd dhaoine a’ sàs ann an iasgach .

M Nisde – an robh cladach agaibhse ?

C Cha robh faisg oirnn . Well bha , bha an Dùnan ann . An Dùnan far a bheil iad fhathast ga chleachdadh airson a bhith a’toirt … bithidh na bàtaichean iasgaich a’tighinn a ‘steach - bheil fhios agad – ach chan urrainn dhut –‘se seòrsa de – tha seòrsa de dùnan a th’ann – chan eil tràigh ann. (oh) Agus tha an traigh – ann an Dalmòr – an traighe as fhaisge oirnn , ann a’Dalmòr .

M Ma tha – tha sin suas piòs bhuaibh .

C Tha . Tha sin suas piòs bhuainn …. bhitheadh sinn a’dol ann an dràsda nam bitheadh an side math . Bhitheadh sinn a’dol ann airson an latha .

M Uh huh . ‘S am bhitheadh sibh a’coiseachd suas ?

C Oh bhitheadh . Ach glè thric , em , cha bhitheadh sinn a’coiseachd idir . Bhitheadh – bhitheadh Uncle m’athair – bha van mhòr aige – Bedford van .

M Oh aye. C ‘S bha e a’toirt crowd againn sios …. mumble……

M ‘S robh a’ghainmeach geal ?

C Tha – oh a’gheanmhach – tha a ‘gheanmhach anns na h-eileannan a muigh co-dhiùbh, cho breagha .

M Oh tha i dìreach àlainn .

C Ach nuair a bha mi a’dol – ‘o chionn ghoirid bha mi dol a null a dh’Uibhist ,’s chaidh mi null taobh – nach eil fhios agad air am bàta-aiseag a gheibh thu bhon t-Òb dhon …. Beàrnaraidh .

M Oh aye aye – ged nach robh mi riamh oirre .

C Well tha i uair a thide – tha thu dol air a’bhus sios , a Steòrnabhadh sios dhan an t-Òb . Agus nuair a dh’fhagas tu an Tairbeart , tha pìos mòr agad ri dhol mus fhaigh thu dhan t-Òb (mmhmm) , ach abair thusa seallaidhean de thràighean breagha – oh chan fhaca mise riamh cal cho breagha siud ! Tha iad feàr – rudeigin a chitheadh tu air a’Charibbeann , ‘eil fhios agad mar a chitheadh tu air a ‘Charibeann … chan e sin abhhainn – cha robh duine oirre  ! Honestly ! Mìltean de de .. dh’astar ann a shin de ghainmheach – ‘s bha e cho geal ‘s cho breagha ‘s bha a ‘mhuir cho gorm …mumble ..

M Nisde – bheil a’mhuir - robh a ‘mhuir uaine ? Robh i uaine ?

C Bha i uiane – gorm air choireigin ..

M Bha uaine innte ann a ‘shin (ann sin)

C Tha

M Bha i dìreach àlainn . ‘Se bhitheadh snog air froca dhomhsa …

C Dè ?

M Nach e bhitheadh snog airson froca dhomh ?

C Oh nach e sin !

M Aye ! An dath sin … ‘s toigh leum…

C ‘Se …

M Ach .. em … tha an t-uisge cho fuar .

C Tha . Th’an t-uisge fuar . Ach – gheibh thu seachad air a sin . M Do you think ?

C Yes !

M So … em … Well , bha an taigh againne – ged nach fhaiceadh tu a’mhuir bhuaithe, bha e ri taobh a’chladaich – coig mionaidean – suas a’chnoc – timcheall agus bha a’mhuir dìreach ann a ‘shin – dìreach coig mioneadan .

C Seadh

M ‘S bha … gainmheach – bha tràigh dìreach aig .. aig … well beul a ‘loch – abhainn a ‘tighinn a staigh agus an tràigh ann sin .Agus an uairsinn bha na creagan a’fàs – you know – bha iad a ‘fàs nas àirde ann a ‘shin, ‘s nas àirde – nas àite a mach gu Dunvegan Head – agus timcheall gu Neist Point – dhan an Eist – agus em … mus deach .. mus deach na creagan ro fhada suas , bha taighean-bàtaichean ann a ‘shin – bha ‘s docha sia taighean beag bàta air an togail

C Mumble ??

M Well ‘se – bha ballaichean clach (uh huh) agus bhitheadh corrugated iron oirre – you know – bhitheadh iad .. bhitheadh iad air mullach a chuir … a chuir air na ballaichean a bha seo . ‘S bha taigh-bàta m’athair – e fhèin agus Dòmhnal Iain an ath dhorus – bha an dà bhàta aca – ged nach robh Dòmhnal Iain a’dol a mach mòran . Bhitheadh esan dìreach … bhiteadh am bàta aige a’ suidhe ann a ‘shin .

C Carson a bhitheadh sin a nis ?

M Well … tha mi a’smaoineachadh .. bha Dòmhnal Iain em … atharraichte , anns a’bhaile bheag againne ,air sgath’s gu robh pìos mòr mòr dhen a’mhonadh leotha fhèin.

C Uh huh.

M Scorr – Monadh a Scorr . Agus ..em .. bha car aca , agus bha ‘s docha .. can .. tri mìle caora air a’mhonadh sin .(uhuhu) So bha obair chaoraich air a’mhonadh sin .

C Oh aye

M Agus a nisde … dè bhitheadh aig m’athair .. och ‘s docha gum bitheadh tri fichead caora aig m’athair – rudeigin mar sin .

C Seadh .

M Agus bhitheadh iadsan air a’mhonadh againne – the common grazing . So – tha mi a’smaoineachadh gu robh barrachd feum againne air an iasg anns a ‘Gheamhradh – thoirreadh ‘s ann ag iasgach airson .. airson .. biodh ‘s a’Gheamhradh a bha sinn .. ach bhitheadh Stamhradh cuideachd ach – ag iasgach airson biodh . Linn sgadain ‘s rionnach ‘s liúth

                        • MZ000008 *************

is stuth mar sin . Em .. Có nisde a bha mi a’bruidhinn ris –cha robh iad riamh a ‘reic an iasg . Nuair a gheibhadh… Nuair a gheibhadh iad an t-iasg – nuair a chaidh m’athair a mach a dh’iasgach comhla ris a’Luchag , agus nuair a gheibhah iad an t-iasg , chumadh iad … a mhór …. a ‘chuid as motha dhaibh fhéin , dhuinn fhín , ‘s dhan … ach cha robh clann aig a Luchag e fhéin ‘sa bhean . Well – ‘s mise a ‘chlann a bh’againne (Mmmhmm) Agus shailleadh iad e agus rachadh iad timcheall , an uairsin agus bheiradh iad sgadan –no gu brith dé bh’ann , dhan na daoine ‘s a’ghleann ‘s cha ghabhadh iad airgead uair sam bith .

C Oh cha ghabhadh – cha robh iad a ‘gabhail airgead ann a’bhronag . Chan e sin an doigh a bh’aca . Bha iad an aon rud againne agus bhiodh … bhiodh iad an aon rud ann an Uibhist agus anns na Hearradh tha e coltach .Cha bhitheadh airgead a ‘dol steach dhan a’chúis idir .

M Cha robh . Agus an robh crodh agaibh ?

C Bha . Bha a’bhó againn . Aon bhó.

M Aon bhó .

C Bha bó cha mhór anns a h-uile taigh an uairsin anns a’bhaile againne (mmhmmh). Ach cha bhitheadh ann an taigh an dotair na .. aige…

M Oh cha robh aig a ‘mhinistear nas motha .. uh hu … cha robh..

C Ach bha bó ‘sa mhór … anns a h-uile taigh ..

M Agus bhitheadh … bha dá bhó againne an cómhnaidh , so bha… bhitheadh – bha dá mháirt , dá stirc agus dá laogh beag .

C Seadh seadh .

M So – bhitheadh … re-cycling .. nuair a bha iad a ‘dol air falbh , nuair a bha na st… dé …dé a ‘Gháidhlig a bha air ‘stirc’? Neo an e sin facal Gáidhlig ? Có dhiubh - teenagers (uh huh) . Agus nuair a dh’fhásadh iad aois air choireigin – ‘s docha dá bhliadhna – chan eil fhios agamsa reicear iad – reicadh m’athair iad ,agus an uairsin bhitheadh … an dá laogh beag … bhitheadh iadsan a ‘fás nas motha , agus bhitheadh …bhitheadh na máirt a’deanamh the next round !! So sin mar a bha e a’dol . So bhitheadh barrachd bainne againne na bha dhìth oirnn .

C ‘S dè bhitheadh sibh a’deanamh leis ?

M Well … ma bha ‘s docha cuideigin …. thoireadh cha robh bainne aig a’chrodh aig an aon àm , ‘s docha ma bha a’bhò agadsa … ‘s bha i tiorm an drasda , bheireadh sinne bainne dhut .

C Channadh sinne – bha iad seasg .

M Seasg ! (uh huh) Oh sin e ! Nuair a bha iad seasg (uh huh)

C Tha mi a ‘smaonachadh gur e sin a chanadh iad .

M Aye I think so (uh huh) Agus … Oh nam bitheadh bandrach – you know – ‘s docha – sean chailleach bheag , neo rudeigin – bheiradh iad am bainne dhi . Agus – bhitheadh sinn a ‘deanamh caise dheth .

C Uh huh. Is ìm.

M Agus ím

C Bhitheadh sinn a’…. bhitheadh mo mhathair an còmhnaidh a ‘deanamh gruth .

M Gruth ! ‘Se .. chan e caise ach gruth ..

C Gruth is bárr.

M Dé Bheurla a tha air gruth ?

C Crowdy.

M Crowdy . (uh huh) . A nisde – inns dhomh – an e crowdy ricotta ?

C ‘Se .. ‘se seorsa de ghruth a th’ann ..’se

M ‘Se ..

C Ach bhitheadh sin a ‘dol – gruth is bárr .

M So … bhitheadh sibhse a nisde … bha crodh … bha bó agaibh , bha marst agaibh an robh caoraich agaibh ?

C Cha robh . Ach bha caoraich aig m’uncle. Cha robh caoraich againne idir.

M Uh huh . Ach bha sibhse a ‘deanamh clóimh , nach robh ?

C Oh bha , bha m’athairsa an còmhnaidh a ‘fitheadh bhon a thàinig e mach as a’…. bha e na phrìosanach anns a’ …. anns a’ chogadh mu dheiradh .

M Uh huh

C Airson ceithir bliadhna – thàinig e dhachaidh glè ghoirid as deidh sin . Phòs iad . Phòs iad …… fair … ann a’46 . Sgurr an cogadh an a ’45 agus phòs iad ann (uh huh) a ‘46 . ‘S thàinig iad a Charlabhaidh .

M Saoil dè an aois a bh’iad ?

C Well , cha robh ach glè òg . Bha mo mhàthair – rugadh i ann an 1916 –( uh hmm) so bha i 30 .

M 30

C Hmmm – cha robh i cho òg sin .

M Oh cha robh i cho òg sin.

C Bha m’athair …. bha m’athair dà bhliadhna nas òige na i . Bha esan ann an 1918. So bhiodh esan 28 . Ach nach e bha òg anns a ‘chogadh – smaoinich na balaich òg a tha sin ..

M ‘Se balaich … well ‘se balaich a th’annta fhathast //

C Na phrìosanaich ..

M ‘Se balaich a th’annta fhathast ..

C ‘Se . So sin mar a bha sinne. Bha .. ‘s bha m’athair .. mar a bha a h-uile duine againne anns a ‘bhaile – ‘s ann ri fitheadh a bha iad.

M Sin agad a ‘rud – nisde – cha robh duine beo anns a’ghleann againne a’fitheadh.

C Cha robh ?

M Cha robh . Cha robh anns an Eilean Sgitheanach .

C Bha ann am Portnalong nach robh ?

M Cha…chan eil fhios agam ..

C .. A thàinig null as na Hearradh ?

M Oh na Hearraich ….. mumble

C Uh huh – tha mi smaoineachadh gun cuala mi gu robh duine na dhà … o chionn bliadhnaichean … dh’fhaodainn a bhith ceàrr a nis – chan eil mi buileach cinnteach

M Well – tha fios agam gu robh Hearraich a Caolas Scalpaidh ann am Portnalong .

C Mmhh hhmmm

M Thoirreadh bhiodh m’athair agus Hearrach eile anns a ‘ghleann … bhiodh iad ..Johhny Mòr … bhiodh iad a ‘dol sios . Bha car aig Johnny Mòr , is bùth bheag aige fhèin is a phiuthar – cha do phòs iad riamh .

C Seadh.

M Well – cha do phòs iad a chèile agus cha do phòs iad duine sam bith eile !

C Uh huh ..

M Em … so anns a’Gheamhradh , dh’fhalbhadh m’athair còmhla ri Johnny Bàn – Johnny Mòr – bha dà ainm air. Bha falt bàn air ‘s bha e mòr. Agus , cha tilleadh iad airson oidhche is latha . ‘S cha robh mise riamh

        • MZ 09***********

ann agus chan eil fhios agam fhathast gu dè bha iad a ‘deanamh. Ach tha mi a ‘smaoineachadh gu robh iad a ‘dol sios a’cheilidh air na Hearraich – na cousins aca – agus tha mi a ‘deanamh dheth gu robh iad ag òl !! Dà latha !!... bhiodh an còmhnaidh botal uisge beatha aig m’athair a ‘falbh. Agus cha robh sin cumanta ga fhaicinn .

C Cha robh – cha robh airgead ann . Cha robh an t-airgead ann airson a chuir ann a’rudan mar , mar an t-òl …nuar a bha mi a ‘fàs suas .

M Cha robh . Nisde – an robh sibhse – am biodh botal agaibhse anns an taigh ?

C Cha robh . Direach aig àm na Bliadhna Ùr . (uh huh ) Àm na Bliadhn’ Ùr . Em .. bhiodh iad an uairsin a’cumail na Bliadhn’Ùr agus ‘se rud mòr a bh’ann . Bhiodh an còmhnaidh daoine a ‘tighinn a’chuir na Bliadhn’ Ùr … bhiodh do nàbaidh a ‘tighinn a chuir a ‘Bhliadhn Ùr ort . Air latha na Bliadhn’ Ùr . (uh huh ) . Em … ‘se rud mòr a bh’ann . (uh uhuh). Bheil fhios agad … bha … bha … bha e ciallachadh tòrr dhaibh . Latha na Bliadhn’ Ùr .

M Bha .

C Cha robh guth aca air Nollaig.

M Cha robh . Oh Shìorraidh cha robh.

C …Latha na Nollaig . Bha a h-uile duine ag obair. Cha robh duine a’sgurr a dh’obair.

M Cha robh .

C ‘Se rud ùr a th’ann – na Christmas holidays .

M Well ‘se … ‘se rud mu dheidhinn an airgead a th’ann , nach e ?

C och ‘se.

M So … robh … robh rud … rud àraidh a bhiodh sibh ag ithe no rud sam bith ?

C Well – tha cuimhne agam – bhiodh – bha . Oidhche na Bliadhn’ Ùr … bhiodh mo mhàthair .. tha cuimhn agam aon thrup co-dhìubh , mar a th’eil dà thuras , bha i faighinn pìos do phickled beef .

M Cia…. aye – as a ‘bhuidsear ?

C Uh huh … bha …. bha … chan eil fhios ‘am – ann a’ Steornabhaigh (oh aye) . Is bhiodh e againn comhla ri buntata pronn . O Dhia – ‘s bha e math . Aig meadhon oidhche .

M Aig meadhon-oidhche .

C Nuair a bha a Bhliadhn’ Ùr a ‘tighinn a steach

M Oidhche Chaillean (sp?)

C Oidhche Chaillean . Mmm hmm. Tha cuimhne agamsa air sin .

M So nuairsin bhiodh … so bhiodh botal uisge-beatha – biodh iad a ‘dol timcheall .. biodh iad a….. an taighe ?

C Bhiodh …bhiodh

M Bhiodh cuid a dhaoine a’fàgail ,’s bha cuid a dhaoine a’fuireach aig an taigh ?

C Well …. a ‘chuimhne a th’agamsa – ‘se bhiodh na nàbaidhean ‘s docha – cuideigin bho shuas am baile – thigeadh iad a mach – direach leis a’bhotal ‘s ?rachadh(?not sure what she says here) iad bho thaigh gu taigh , ‘s gheibhadh tu aon nip mach as a ‘bhotal . Thug m’athair dhomh aon nip . (uh huh ) … as a’bhotal .

M Oh aye – cha bhiodh mo mhàthair ag òl idir ach bhiodh m’athair ag òl.

C Agus sin mar a bha

M Uh huh C Ach of course – nuairsin thàinig atharrachadh mòr air an àite mar a thàinig air a h-uile àite eile . Tha mise a ‘smaoineachadh – och chan eil fhios ‘am – chan urrainn dhuinn stad …. stad a chuir air rudan a tha sinn . Tha mise smaonachadh gun do thòisich a h-uile rud a dhol a thaigh na croich nuair a thàinig an television .

M A thaigh na croich –

C A thaigh na croich .

M Dè tha sin ?

C Och – taigh na croich

M A chruich ?? A thuigh na croich ????

C Taigh na croich !

M Taigh na croich

C Taigh na galla .. nach eil fhios agad (aye aye )… tits up !! Nuair a thòisich an telly – dh’atharraich tòrr rudan anns na h-Eileanan , gu h-àraid ! ‘S an diugh tha telebhision anns a h-uile rium cha mhòr , nach eil ?

M Tha … mmmhmmm … oh tha

C ‘Se call mòr a bh’ann . ‘Se call mòr a bh’ann .

M So ..tha …. chan eil daoine ….. cha robh daoine … chan eil leithid a dh’fheum aca air a bhith a’dol a-mach ‘s a bhith a’crac .

C Och chan eil ..

M ‘S a bha , ‘s a b’abhaist – faodaidh iad dìreach suidhe ann a shin agus coimhead air rudeigin.

C Tha fios agam .

M Mmhumm . Agus an uairsin tha e a’cuir miann annta airson stuth nach eil aca ..

C Uh huh . Well bha.. chan eil fhios ‘am dè mar a tha an diugh – tha urrad de dh’airgead aig daoine an diugh a Mhuirgheal a bharrachd air na lathaichean sin . Tha urrad de dh’airgead …. bithidh thusa …. ged nach eil iad ag obair …tha …tha .. gheibh thu a h-uile call air iosad an diugh . Bheil fhios agad – credit cards .. fad na tide .

M Tha fhios ‘am .

C ‘S chan eil duine , chan eil duine nach eil .. math dheth … anns na h-Eileannan .

M Chan eil . Chan eil iad bochd mar a bha sinne . Ach am bheil fhios agad , nuair a bha sinne bochd…. agus tha cuimhne agams nuair a bha …. nuair a thigeadh am pension ‘se …. bha mo …. bha mo pharantansa cho sean gu robh…. bha iad a ‘faighinn am pension . Agus thòisich m’athairsa ag obair aig sixty five . Croitearachd . Sinn nuair a thòisich e , thoirreadh bha e air a bhith air falbh. Bha iad air a bhith air falbh .

C Bha…

M Agus bha .. chuir iad a staigh mu choig bliadhna deug a’croitearachd , aig 65 nuair a bha a h-uile duine an latha diugh retiring .

C Tha sin ann . Cha robh duine a ‘retireadh an uairsin . Cha robh thu a ‘sgurr dheth d’obair gun an latha a bhàsaicheadh tu . Bha comas agadsa idir – bha thu ag obair

M Agus .. tha cuimhne agams gum biodh iad a ‘cunntais .. em a ‘cunntas an t-airgead a’phension –

C Bhiodh

M Cha robh ann ach beagan airson a ‘ghas cylinder

C ‘Se

M Beagan airson … well cha robh an electricity ann an toiseach , ach an uairsin thàinig an dealan . Bhiodh sin ann – agus – em – so bha iad a ‘deanamh airgead dhen a ‘phension , dhen a ‘chrodh , dhen a ‘chlòimh – ga reic – clòimh na caoiraich . Agus .. bhiodh e … bhiodh e a’deanamh …. bhiodh e a’marbhadh róin .(uh huh) agus a ‘toirt dhiubh am bian … deanamh … bhiodh e a’leaghadh .. dé an t-ainm a bha agad air ..?

C Cloidh ? ‘Se cloidh a chanadh sinne .

M Cloidh ?

C Cloidh . Chan e clómh a chanadh sinne . ‘Se clóidh .

***********MZ000010************ 


M Oh ‘se clóimh …. Agus biastan dubh . Bhiodh …bhiodh e marbadh biastan dubh - of course they would shoot himself today if they knew that – but that was part of our livelihood (uhh hmm) so nisde …so… airson airgead , bha sibhse … bha sibhse .. so bha shibhse deanamh … ‘se figheadh a tha thusa a’cannteil ris ?

C Breabadaireach no figheadh M Breab .. figheadh ??

C Breabadaireachd … ‘se breabadair a bha nam athair.

M Ah huh – agus ciamar a bha sin ag obair ? Co ás a bhiodh e …. am bitheadh e faighinn clóimh … ? Ciamar a bha e ag obair ?

C Bha tórr em … bha na muileann ann a ‘Steornabhaigh (uh huh) bha a ‘mhuilean eile ann a ‘Siabost .

M Seadh . Aig Derek .

C	Staigidh … Cha robh .. aig Derek an uairsin  -ach Staigidh a chanadh iad ris . Em ..agus nuairsin bhiodh e … bhiodh na muilinn a’ cuir a null air lorry , cuir a null na clòimhtinn – bheil fhios agad … eh .. bhiodh iad … chan eil fhios agam dè chanadh iad riutha ? “Issue” ? ‘se “issue” 

M Bheil an issue a ‘tighinn ?

C Uh huh . Agus em .. sin mar a bha iad ag obair , nuairsin nuair a bhiodh eh, clòimh deiseil bhiodh e … bhiodh na lorryean a ‘tighinn timcheall . Bhiodh tu a ‘cuir a ‘chlòimh taobh a muigh a ‘gheata gus an tigeadh an lorry agus thogadh iad e null chun na muileann . Bhiodh lorry , bhiodh lorry aig a h-uile muileann . Bha tòrr dhe … bha barrachd air aon mhuilinn ann a’Steornabhaigh , tha mi a ‘smaonachahd gu robh ceithir no coig dhiubh aig an àm .

M So … bheiradh tusa dhaibh clòimh dhe na caoraich air an rùsgadh ?

C Oh cha toir … gheibhadh iadsan e a àitegein – chan eil fhios agam cò as a bha a’chlòimh a’tighinn . Tha mi a’smaonachadh gu robh iad a ‘toirt a’chlòimh a steach bho .. bho Tìr Mòr .

M Oh aye. So bheiradh … bheiradh iadsan thugaibhse a’chòimh ?

C Bheiradh iad thugainn .. eh … bheiradh iad thugainn eh snamhla (?) an snamhla (?) The wool.

M The wool .

C Uh huh. Agus dh’fheumadh tu an uairsin … dh’fheumadh tu an uairsin a chuir air a’mhachine airson boban beag a dheanamh .(Uh Huh) Gheibhadh tu boban mòra . Is bha m’athair a ‘faighinn … gheibhadh tu bobann mòra mòra mòra – bheil fhios agad – ach dh’fheumadh tu a chuir dhan na feadhainn beaga . Bha iad an uairsin a ‘faighinn an clòimh – bheil fhios agad – pios … an snàmhlan air a dheanamh mar hanks mòr fhada dheth .

M Seadh.

C ‘S bhiodh m’athair an uairsin ga mhìnigeadh – bhiodh e ga chuir air a ‘mhachine air rolladh mhòr , ‘s ga …ga … bhiodh e ga … dè an t-ainm a bha siud ?? em … em dhia chaidh e às mo chuimhne “tinein””( ???) Bhiodh iad an còmhnaidh a’ fàgail piòs dhen a ‘chlòimh mu dheireadh (seadh) .. gus an …. gus an … cuireadh iad air an ath chlòimh. Bheil fhios agad ?

M Oh aye – uh huh ….

C Bhiodh iad ga fhigheadh , bhiodh iad ….. dh’fheumadh e fhigheadh le làmhan .

M Uh huh.

C Bha ‘lengh’ sin … agus can … sin … (Uh huh ) , agus bhiodh e ga fhigheadh le làmhan agus an uairsin a’bìneagadh an clòimh sin .. bheil fhios agad …bhiodh na shanks a tha seo (uh huh) bha iad fada fada fada fada agus bha iad ga ….. bhithinnsa ga chuideachadh leis a ‘bhìnneagadh … ‘s dh’fheumadh tu … bha a h-uile call cho rèimh. Bhiodh e air rolladh mhòr mhòr – nuairsin bhiodh e tron a … toiseach … nuairsin … rolladh dhan a’taobh eile dhen a ‘bheart , agus bha thu nuairsin … dhe na bobbainn beaga – bha thu gan cuir a steach dhan a ‘spàl . ‘S bha an spàl an shuttle (oh aye uh huh) ‘bhiodh e a’dol mar sin . ‘S bhiodh a’spàl a’dol a mach ‘s a dha … a’dol a steach mar sin agus bhiodh iad a ‘ dol eh .. bhiodh … bhiodh iad eh… a’figheadh a ‘chlòimh a nuairsin. Le ’n casan , le ’n chasan , breabadh nan casan.

M An e nan casan ……?

C Nan casan – ‘se sin a bha a’cumail a’bheairt a’dol.

M So nuairsin – ‘se fuaim a tha sin fhèin … nach e ?

C Mmm hmm ‘se.

M Tha CD agamsa a thug cuideigin dhomh ‘s – The sounds of Harris and Lewis (mmh hmm) . An cuala tu e ?

C Cha chuala .

M Eh … oh nach cuala ? Fuaimeanan – agus tha mise glè chìnnteach gu .. gu bheil fuaim ann a dh’fhaighnicheadh tusa nach bi as ma…. Oh feumaidh mi ..(uh huh) … bithidh e agam aig an taigh … feumaidh mi copy no rudeigin fhaighinn dhut ach an éisd thu ris .

C Nach iad a bha …nach iad a bha ‘fit ‘ – fad’ an latha

M Smaonaich ! C Fad’ an latha – casan mar siud – fad’ an latha ..

M Casan laidir !

C Sin a fáir (?) Nach ann ! Gu deimhinne dhut – bhithinn-sa … bhithinn-sa air a bhith … (?? - ) … nuair a bha mi anns a …anns a’bhún sgoil . Bhiodh iad … chaidh sealtainn dhomhsa dé mar a dheanadh tu sin nuair a bha mi …. tha mi smaonachadh nach robh mi ach ochd no naoi . (Uh huh ) ‘S dh’fheumainn a dheanamh a h-uile latha .

M Nisde … so – nuair a bha e deiseal , am biodh piós clóimh aige mar seo ?

C Bhiodh. Agus bhiodh iad … nuairsin bhiodh e … bhiodh e … bhiodh e nuairsin ..em … bhiodh e ga phasgadh . Nuair a thigeadh e bhon a’ ….bhon a’ … bhon a ‘rolladh mhór a bha seo (uh huh ) . Fon a ‘drum mhór a bha seo nuair a bhiodh e deiseil . Bha e nuairsin ga phasgadh . Díreach ga phasgadh … bhiodh e cho …. tha mi creidsinn .. mar sin… (aye) direach …mumble … mar sin …. (uh huh) agus ga cheangail an uairsin le sreang .

M ‘S dathan … robh dathan .

C Well , dh’fheumadh iad … bhiodh iad a ‘ faighinn pátran fon a’ …. fon a’ mhuilinn .

M Aye.

C ‘S dh’fheumadh iad leantainn am pátran sin . Mar as trice ‘se herring bone …. four by two no rudeigin a bh’ann – cha eil mise .. cha robh mise …Chan eil …cha chùimhnich mise ainmean mar sin dhòmhsa . Ach an drasda ‘s a rithist gheibhadh tu , gheibhadh iad pàtran sònraichte .

M Aye

C Ach aig an àm sin , ‘se ..’s ann bhon … bha bha clòimh ga chuir air falbh airson seacaidean fir , agus sgiortaichean – tha fhios agad – rudan dorcha ……… *************************************** MZ000011

C Bheil fhios agad … An diugh an nisde , tha … well ..chleachd iad a bhith a’cuir barrachd dathan ann . (uhuh) Bha iad a’dol dhan na fashion houses ann am Milan – agus àitechan mar sin .. (mmh hmmm ) – bheil fhios agad – is thòisich a’chlòimh … Ach tha cuimhne agamsa cuideachd , thàinig boireannach Perrins. Cailleach Perrins a bhiodh aca oirre . Bha i fhein agus Perrins an duine aice – duine beartach ….. thàinig iad a dh’fhuireach ann an Gearraidh na h-Aibhne Lodge agus thòisich iadsan air Seamore Tweeds – ‘s bha iad fair cho beautiful – lurex – bha lurex tromhpa – bheil fhios agad – rudan … bha iad cho fine – bheil fhios agad … clòimh – very very very fine tweed – ach bha – bhiodh lurex troimhe . Seamore .. Seamore Tweeds .

M ‘S an e …. dè th’ann a lurex ? An e rud sparkly ??

C Mmm hmmm

M Smaoinich !

C Bha . Bha – beautiful . Ach chan eil fhios agamsa nis …’s docha gu robh iadsan ga chuir an null gu na …gu na … gu na fashion houses an àiteigin … mar a … mar a… cha do mhair iad robh fhada saoilidh mi . Feumaidh mi coimhead air an eadar-liòn a dh’fhaicinn a bheil eachdraidh Seamo Tweeds ann. Eachdraidh …. Tha iadsan … Perrins … bheil fhios agad air Lee and Perrins sauce ?

M Tha .

C Se esan Perrins .

M Oh se sin na Perrins ?

C ‘Se sin na Perrins a bh’ann.

M Oh … ma tha …

C Ach bhàsaich esan agus bha ise ….. ach tha e coltach gu robh i uabhasach math dhan a ‘luchd obraich aice .

M Uh huh

C Mhh hmm . Tha e coltach gu robh .

M Gearraidh na h-Aibnne .

C Bha iad a ‘fuireach shuas ann an sin . Ach bha mise chò aig an àm – cha bhiodh sinne – cha robh a’chiall agamsa cuir na ceistean a bu chòir dhomh a bhith gan cuir. Bheil fhios agad ?

M Duine againn

C Nuair a tha thu òg mar sin chan eil e tighinn a steach ort faighneachd ceistean mar sin .

M Chan eil – agus bheil fhios agad … an drasda a nisdea – b’fhearr leumsa gu robh na bodaich ‘s na caillich beò … mumble … tha leithid againn …. tha sinn air leithid a chàll .

C Uh huh … sin mar a tha …. mumble … M Och well ‘s ann. Sin a ‘rud. Och well bha siud glè mhath .

C Fhuair sinn rud beag .


THE END !